Agus bha Iòseph deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a sheas e am fianais Phàraoh rìgh na h‑Eiphit: agus chaidh Iòseph a‑mach o làthair Phàraoh, agus chaidh e tro thìr na h‑Eiphit uile.
Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.
Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.
Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.
Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise.
Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.
Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.