Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.
Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.