Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Eiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Eiphit, le breitheanais mhòra.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chan èisd Phàraoh ribh, a‑chum is gum meudaichear m’iongantasan ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Agus dh’innis Maois da athair-cèile gach nì a rinn an Tighearna air Phàraoh, agus air na h‑Eiphitich air sgàth Israeil, gach saothair a thàinig orra air an t‑slighe, agus cionnas a shaor an Tighearna iad.

Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Eiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, A‑nis chì thu ciod a nì mi ri Phàraoh: oir le làimh làidir leigidh e leo imeachd, agus le làimh làidir fuadaichidh e a‑mach as a dhùthaich iad.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.

Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.

Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois.

Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.

Dh’ullaicheadh breitheanais do luchd-fochaid, agus buillean do dhruim nan amadan.

Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd-àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.

Gu cinnteach am aghaidh-sa thill e; tha e a’ tilleadh a làimhe air a h‑ais ann am aghaidh air feadh an là gu h‑iomlan.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cia mò gu mòr tràth chuireas mi mo cheithir breitheanais ghoirt air Ierusalem, an claidheamh, agus a’ ghort, agus am beathach cronail, agus a’ phlàigh, a‑chum duine agus ainmhidh a ghearradh a‑mach as!

Agus bheir mi breitheanas air Mòab, agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

Agus nì mi Patros na fhàsach, agus cuiridh mi teine ann an Sòan, agus nì mi breitheanais ann an Nò.

Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Ge bè taobh a chaidh iad a‑mach, bha làmh an Tighearna nan aghaidh a‑chum uilc, mar a thubhairt an Tighearna, agus mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh: agus bha iad ann an teinn ro‑mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan