Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thill Phàraoh, agus chaidh e da thaigh: agus cha do shocraich e a chridhe air seo cuideachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Ciod e an duine, gun àrdaicheadh tu e? Agus gun suidhicheadh tu do chridhe air?

Na earbaibh à fòirneart, agus à reubainn na dèanaibh uaill; nuair a dh’fhàsas saoibhreas, na cuiribh ur cridhe air.

Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus chladhaich na h‑Eiphitich uile timcheall na h‑aibhne airson uisge ra òl: oir cha b’urrainn iad òl de uisge na h‑aibhne.

An tì a ghabh eagal ro fhacal an Tighearna am measg seirbhisich Phàraoh, thug e air a sheirbhisich agus air a sprèidh teicheadh do na taighean.

Agus esan nach do ghabh suim de fhacal an Tighearna, dh’fhàg e a sheirbhisich agus a sprèidh anns a’ mhachair.

Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa:

An sin chunnaic mi, thug mi an aire gu math; dh’amhairc mi, fhuair mi fòghlam.

Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

A Thighearna, tha do làmh togte suas, gidheadh chan fhaic iad; ach chì iad, agus bidh iad fo amhluadh airson eud an t‑sluaigh; seadh, loisgidh teine do naimhdean suas iad.

Agus thubhairt thu, Bidh mi am bhaintighearna gu sìorraidh; air chor is nach do leag thu d’aire air na nithean seo! Cha do chuimhnich thu a’ chrìoch dheireannach.

Ach cha do ghabh iad eagal, cha mhò a reub iad an trusgain, aon chuid an rìgh, no aon da sheirbhisich a chuala na briathran seo uile.

O Thighearna, nach eil do shùilean-sa air an fhìrinn? Bhuail thu iad, ach cha do rinn iad bròn; chaith thu iad, ach dhiùlt iad gabhail ri smachdachadh; rinn iad an aghaidh nas cruaidhe na creag; dhiùlt iad tilleadh.

Agus thubhairt an duine rium, A mhic an duine, faic led shùilean, agus cluinn led chluasan, agus socraich do chridhe air a h‑uile nì a dh’fheuchas mise dhut; oir is ann a‑chum gum feuchainn dhut iad a thugadh an seo thu; foillsich gach nì a chì thu do thaigh Israeil.

Faicibh am measg nan cinneach, agus amhaircibh, agus gabhaibh iongantas gu mòr: oir nì mise obair nur làithean, nach creid sibh ged innsear i dhuibh.

Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm-sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.

Agus thubhairt e riu, Socraichibh ur cridhe air na facail uile air a bheil mise a’ toirt fianais nur measg air an là‑an‑diugh, a dh’àithneas sibh dur cloinn a choimhead, a‑chum gun dèan iad uile bhriathran an lagha seo.

Agus mu àm a bàis, thubhairt na mnathan a bha a’ seasamh làimh rithe, Na biodh eagal ort, oir rug thu mac. Ach cha do fhreagair ise, cha mhò a thug i fa‑near e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan