Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Eiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar-mhìnicheadh iad do Phàraoh.
An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:
Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.
Ach mas fàidhean iad, agus ma tha facal an Tighearna maille riu, dèanadh iad a‑nis eadar-ghuidhe ri Tighearna nan sluagh, a‑chum nach rachadh na soithichean a tha air am fàgail ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem, gu Bàbilon.
Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.