Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus mharbh e an iasg.

Agus gheibh an t‑iasg a tha anns an abhainn bàs, agus lobhaidh an abhainn; agus bidh gràin air na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn.

Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.

Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus chruinnich iad ri chèile nan dùin iad; agus lobh an tìr.

Agus nì na h‑iasgairean bròn, agus nì iadsan uile, a tha a’ tilgeadh dubhain anns an abhainn, caoidh; agus fannaichidh iadsan a tha a’ sgaoileadh lìon air aghaidh nan uisgeachan.

Agus fhuair an treas cuid de na creutairean a bha anns an fhairge, aig an robh anam, bàs; agus mhilleadh an treas cuid de na longan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan