Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata-sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh.

Thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus mharbh e an iasg.

Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh;

Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.

Agus fhuair an t‑iasg a bha anns an abhainn bàs: agus lobh an abhainn, agus cha b’urrainn na h‑Eiphitich uisge òl as an abhainn, agus bha an fhuil ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad.

An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?

Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan