Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Micaiah, Mar as beò an Tighearna, an nì a their an Tighearna rium, sin labhraidh mise.

Agus labhraidh tusa ris, agus cuiridh tu facail na bheul: agus bidh mise led bheul-sa, agus le a bheul-san, agus teagaisgidh mi dhuibh ciod a nì sibh.

Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit gach nì a their mise riut.

Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad.

Crioslaich thusa suas uime sin do leasraidh, agus èirich, agus labhair riu na h‑uile nithean a dh’àithneas mise dhut; na biodh fiamh ort romhpa, air eagal gun cuir mise gu amhluadh thu nam fianais.

Agus thubhairt an Tighearna rium, Na abair, Is leanabh mi: ach a‑chum nan uile gus an cuir mise thu, thèid thu; agus ciod sam bith a dh’àithneas mi dhut, labhraidh tu.

Os bàrr, thubhairt e rium, A mhic an duine, gabh ann ad chridhe m’uile bhriathran-sa a labhras mi riut, agus èisd led chluasan.

A mhic an duine, rinn mise fear-faire dhìot do thaigh Israeil: uime sin, èisd am facal om bheul, agus thoir rabhadh dhaibh uamsa.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.

Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan