Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig duine le Dia, agus labhair e ri rìgh Israeil, agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun dubhairt na Sirianaich, Is Dia bheann an Tighearna, ach chan e Dia nan gleann e; air an adhbhar sin bheir mise an sluagh lìonmhor seo uile ann ad làimh-sa, agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.

A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.

Thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus mharbh e an iasg.

Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh;

A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile.

Aithnichear an Tighearna anns a’ bhreitheanas a rinn e; ann an gnìomh a làmh fhèin ribear an t‑aingidh. Higaion. Selah.

Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram.

Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus nì mi dìoghaltas mòr orra le achmhasain gharga, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a leagas mi orra mo dhìoghaltas.

Agus bidh tìr na h‑Eiphit falamh agus fàs; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna: a chionn gun dubhairt e, Is leamsa an abhainn, agus is mi a rinn i.

Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.

Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi teine anns an Eiphit, agus a sgriosar a h‑uile luchd-cuideachaidh.

Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna.

Uisgichidh mi fòs led fhuil am fearann anns a bheil thu a’ snàmh, gu ruig na slèibhtean; agus bidh na h‑aibhnichean làn dhìot.

Mar seo nì mi mòr mi fhèin, agus naomhaichidh mi mi fhèin: agus aithnichear mi ann an sùilean mòran chinneach, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.

An sin aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia, a thug fa‑near iad a bhith air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad a‑chum an dùthcha fhèin, agus cha d’fhàg mi aon dhiubh nas mò an sin.

Tha a’ chùis seo le teann-òrdagh nam fear-faire, agus an t‑iarrtas air facal nan naomh: a‑chum gum biodh fhios aig na bheil beò gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis, agus a’ cur suas os a cionn an tì as suaraiche de dhaoine.

Agus fògraidh iad thu o dhaoine, agus bidh do chòmhnaidh le beathaichean na machrach: bheir iad ort feur ithe mar dhaimh, agus thèid seachd aimsirean thairis ort, gus am bi fhios agad gu bheil an Tì as àirde a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus ga tabhairt do neach air bith as àill leis.

A‑nis tha mise Nebuchadnesar a’ cliùthachadh agus ag àrdachadh agus a’ toirt onair do Rìgh nèimh, aig a bheil a uile obraichean nam fìrinn, agus a shlighean nam breitheanais; agus a’ mhuinntir a shiùbhlas ann an uabhar, tha esan comasach air an ìsleachadh.

Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.

Ach thog thu suas thu fhèin an aghaidh Tighearna nèimh, agus thug iad soithichean a thaighe ann ad làthair, agus dh’òl thu fhèin, agus do thighearnan, do mhnathan, agus do choileabaich, fìon asda, agus chliùthaich thu na diathan airgid, agus òir, umha, iarainn, fiodha, agus cloiche, aig nach eil lèirsinn no claisteachd, no aithne: agus an Dia aig a bheil d’anail na làimh, agus dom buin d’uile shlighe, cha do ghlòraich thu.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Agus shèid an dara aingeal, agus thilgeadh mar gum bu bheinn mhòr a’ losgadh le teine anns an fhairge: agus dh’fhàs an treas cuid den fhairge na fuil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan