Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha leigeadh e leo imeachd.

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Eiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir.

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, air chor is nach d’èisd e riu; mar a thubhairt an Tighearna.

Imich-sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh.

Agus falbhaidh na losgannan uat fhèin, agus od thaighean, agus od sheirbhisich, agus od shluagh; a‑mhàin anns an abhainn mairidh iad.

Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan:

Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich.

Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh.

Ach ma bhios sibh eas-umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.

Carson, matà, a tha an sluagh seo a’ sleamhnachadh air an ais? Carson a tha Ierusalem ri cùl-sleamhnachadh bithbhuan? Tha iad a’ dèanamh greim daingeann air ceilg, tha iad a’ diùltadh tilleadh.

Tha do chòmhnaidh ann am meadhon ceilge; ann an ceilg tha iad a’ diùltadh eòlas a ghabhail ormsa, deir an Tighearna.

Seadh, rinn iad an cridheachan mar chloich adamaint, mun cluinneadh iad an lagh, agus na briathran a chuir Tighearna nan sluagh le a spiorad, leis na fàidhean roimhe seo: air an adhbhar sin, thàinig corraich mhòr o Thighearna nan sluagh.

Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.

Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:

Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan