Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

A chuir comharraidhean agus iongantasan ann ad mheadhon, O Eiphit, air Phàraoh agus air a òglaich gu lèir,

Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus thubhairt e, Tilg air an làr i. Agus thilg e air an làr i, agus rinneadh i na nathair: agus theich Maois roimhpe.

Imich-sa a dh’ionnsaigh Phàraoh anns a’ mhadainn; feuch, tha e a’ dol a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge, agus seasaidh tu na choinneamh air bruach na h‑aibhne; agus an t‑slat a thionndaidheadh na nathair, gabhaidh tu ad làimh.

Agus rinn Maois agus Aaron mar sin, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna, agus thog e suas an t‑slat, agus bhuail e na h‑uisgeachan a bha anns an abhainn, ann an sealladh Phàraoh, agus ann an sealladh a sheirbhiseach: agus thionndaidheadh na h‑uisgeachan uile a bha anns an abhainn gu fuil.

Agus rinn Maois agus Aaron mar a dh’àithn an Tighearna dhaibh, mar sin rinn iad.

Nuair a labhras Phàraoh ribh, ag ràdh, Nochdaibh iongantas air ur son fhèin; an sin their thu ri Aaron, Gabh do shlat, agus tilg sìos i an làthair Phàraoh, agus fàsaidh i na nathair.

Agus ged fhalaich iad iad fhèin ann am mullach Charmeil, rannsaichidh mise, agus bheir mi a‑mach as a sin iad; agus ged bhiodh iad air am falach om shealladh ann an ìochdar na fairge, an sin bheir mi àithne don nathair, agus nì i an teumadh:

Togaidh iad nathraichean nimhe; agus ma dh’òlas iad nì air bith marbhtach, cha chiùrr e iad; cuiridh iad an làmhan air daoine tinne, agus bidh iad gu math.

Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan