Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Am thaobh-sa, an ann ri duine a tha mo ghearan? Agus nam b’ann, carson nach biodh mo spiorad fo bhuaireas?

Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.

Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Cromaidh droch dhaoine an làthair dhaoine matha, agus na h‑aingidh aig geatachan an fhìrein.

Giùlainidh spiorad duine a laigse: ach cò as urrainn spiorad briste a ghiùlan?

Agus ghabh iad an turas o shliabh Hor, air slighe na mara ruaidhe, a dhol mun cuairt air tìr Edoim; agus bha anam an t‑sluaigh fo mhì-mhisnich anns an t‑slighe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan