Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo-thimcheall-gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.

Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?

Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.

An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan