Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit gach nì a their mise riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

Agus labhair Dia ri Maois, agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna.

Agus thàrladh, anns an là air an do labhair an Tighearna ri Maois ann an tìr na h‑Eiphit,

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr.

Am fàidh aig a bheil aisling, innseadh e a aisling; ach esan aig a bheil m’fhacal-sa, labhradh e m’fhacal gu dìleas: ciod e am moll don chruithneachd? deir an Tighearna.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal;

Agus falbh, imich a dh’ionnsaigh na muinntir a tha ann am bruid, gu cloinn do shluaigh, agus labhair riu, agus innis dhaibh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, co aca a dh’èisdeas iad no nach èisd.

A mhic an duine, rinn mise fear-faire dhìot do thaigh Israeil: uime sin, èisd am facal om bheul, agus thoir rabhadh dhaibh uamsa.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan