Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is iad seo iadsan a labhair ri Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, a‑chum clann Israeil a thoirt a‑mach as an Eiphit: is iad seo am Maois agus an t‑Aaron ud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Chuir e dan ionnsaigh Maois, a òglach fhèin, Aaron a thagh e.

Threòraich thu mar threud do shluagh, le làimh Mhaois agus Aaroin.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh sìos; oir thruaill do shluagh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, iad fhèin.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich, falbh suas as a seo, thu fhèin agus an sluagh a thug thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a dh’ionnsaigh na tìre a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi i:

Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, agus thug e dhaibh àithne a‑chum chloinn Israeil, agus a‑chum Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, clann Israeil a thoirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus thàrladh, anns an là air an do labhair an Tighearna ri Maois ann an tìr na h‑Eiphit,

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.

Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.

Chuir mi Maois mar an ceudna agus Aaron a‑mach, agus bhuail mi an Eiphit, a rèir an nì sin a rinn mi na meadhon: agus an dèidh sin thug mi sibhse a‑mach.

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan