Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Chorah: Asir, agus Elcanah, agus Abiasaph; is iad sin teaghlaichean nan Corhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Elcanah, agus Iesia, agus Asareel, agus Ioeser, agus Iasobeam, na Corhaich,

Agus is iad seo iadsan a bha a’ feitheamh, len cloinn: de mhic nan Cohatach, Heman am fear-ciùil, mac Ioeil, mhic Shemueil,

Mar a thogras am fiadh a‑chum nan sruth uisge, mar sin tha m’anam a’ togairt ad ionnsaigh, a Dhè.

Cia so‑ghràdhach do phàilleanan, a Thighearna nan slògh!

Agus mic Idshair: Corah, agus Nepheg, agus Sichri.

Agus ghabh Corah mac Idsair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine:

Agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas iad, agus an taighean, agus na daoine uile a bhuin do Chorah, agus am maoin uile.

A‑nis bha duine àraidh o Ramataim-sophim, o shliabh Ephraim, agus b’e a ainm Elcanah, mac Ierohaim, mhic Elihu, mhic Thohu, mhic Shuph, Ephratach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan