Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì-bliadhna-deug ar fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

De mhic Udsieil: Aminadab an ceann, agus a bhràithrean ceud agus dà‑fhear-dheug.

Mic Chohait: Amram, Itsar, Hebron, agus Udsiel, ceathrar.

Agus b’iad mic Chohait, Amram, agus Ishar, agus Hebron, agus Udsiel.

Agus mic Chohait: Amram, Ishar, agus Hebron, agus Udsiel.

Agus chaidh duine de thaigh Lèbhi, agus ghabh e nighean de Lèbhi na mnaoi.

Agus ghairm Maois air Misael agus air Elsaphan, mic Udsieil, bràthair-athar Aaroin, agus thubhairt e riu, Thigibh am fagas, giùlainibh ur bràithrean o fhianais an ionaid naoimh a‑mach as a’ champ.

Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.

Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan