Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.
Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste-mhairbh e anns an Eiphit.
An sin dh’èirich na Lèbhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, de mhic nan Cohatach; agus de mhic Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iehaleleil: agus de na Gersonaich, Ioah mac Shimah, agus Eden mac Ioah:
Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.
Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.
Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì-bailtean-deug.
Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth-threubh Mhanaseh ann am Basan, trì-bailtean-deug.