Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo-thimcheall-gheàrrte?
Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu?
Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.
Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.
Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, agus thug e dhaibh àithne a‑chum chloinn Israeil, agus a‑chum Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, clann Israeil a thoirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.
Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.
Cò ris an labhair mi, agus don toir mi rabhadh, air chor is gun cluinn iad? Feuch, tha an cluas gun timcheall-ghearradh, agus chan urrainn iad èisdeachd: feuch, tha facal Iehòbhah dhaibhsan na mhasladh; chan eil tlachd aca ann.
An Eiphit, agus Iùdah, agus Edom, agus clann Amoin, agus Mòab, agus na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach, a tha a chòmhnaidh anns an fhàsach: oir tha na cinnich seo uile neo-thimcheall-gheàrrte, agus tha taigh Israeil uile neo-thimcheall-gheàrrte nan cridhe.
Agus gun do ghluais mise mar an ceudna nan aghaidh-san, agus gun tug mi iad do dhùthaich an naimhdean; ma bhios an sin an cridhe neo-thimcheall-gheàrrte air irioslachadh, air chor is gun gabh iad ri peanas an aingidheachd:
A dhaoine rag-mhuinealach, agus neo-thimcheall-gheàrrte ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.
Agus timcheall-ghearraidh an Tighearna do Dhia do chridhe, agus cridhe do shliochd, a ghràdhachadh an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, a‑chum gum bi thu beò.