Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 6:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Eiphit.

Agus their thu ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Is e Israel mo mhac, mo chiad-ghin:

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

Oir on àm a thàinig mi gu Phàraoh a labhairt ann ad ainm, rinn e olc don t‑sluagh seo; agus cha do shaor thu idir do shluagh.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Gun do labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh, Is mise an Tighearna: labhair thusa ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit gach nì a their mise riut.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, rinn mi thu ad dhia do Phàraoh: agus bidh do bhràthair Aaron na fhàidh agad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan