Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, agus cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.
Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.
Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.