Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, carson a bhuin thu cho olc ris an t‑sluagh seo? Carson a chuir thu uat mi?
Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.
Ach chaidh e fhèin astar là don fhàsach, agus thàinig e agus shuidh e fo chraoibh aiteil, agus dh’iarr e dha fhèin bàs fhaghail, agus thubhairt e, Is leòr e; a‑nis, a Thighearna, thoir leat m’anam; oir chan fheàrr mise na m’athraichean.
Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?
Mheall thu mi, O Thighearna, agus bha mi air mo mhealladh; is tu as treasa na mise, agus thug thu buaidh: tha mi ann am chùis-mhagaidh gach là, gach aon ri fanaid orm.
An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, gu cinnteach mheall thu gu tur an sluagh seo agus Ierusalem, ag ràdh, Bidh sìth agaibh, nuair a tha an claidheamh a’ ruigheachd gu ruig an t‑anam.
Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.
Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, Carson a bhuin thu gu h‑olc rid sheirbhiseach? Agus carson nach d’fhuair mi deagh-ghean ad shealladh, gun do leag thu èire an t‑sluaigh seo uile orm?
Agus thubhairt Iosua, Och! a Thighearna Dhè, carson a thug thu idir an sluagh seo thar Iòrdan gar toirt thairis do làimh nan Amorach, a‑chum ar sgrios? O b’fheàrr gu robh sinn toilichte, agus gu robh sinn air gabhail còmhnaidh air an taobh eile de Iòrdan!
Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.