Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa.

Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.

Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid orm lem dhèanamh gràineil am measg luchd-àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.

Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do rinn iad iad fhèin gràineil do Dhaibhidh, chuir Hanun agus clann Amoin mìle tàlann airgid a thuarasdalachadh charbad agus marc-shluaigh dhaibh à Mesopotamia, agus à Siria-maachah, agus à Sobah.

Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?

Agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, ag ràdh, Ciod a dh’òlas sinn?

Agus rinn coitheanal chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin anns an fhàsach.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Agus choinnich iad Maois agus Aaron, a sheas air an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑mach o Phàraoh.

Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.

Bheir cuileagan marbha air ola-ungaidh an lèigh boladh breun a chur uaipe: is amhail a nì beagan amaideachd airsan a tha cliùiteach airson gliocais agus urraim.

Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.

Ach atharraichidh mi am fad uaibh feachd na h‑àird a tuath, agus fògraidh mi e gu fearann falamh fàsail, a thoiseach gus an fhairge an ear, agus a dheireadh gus an fhairge an iar; agus thig a bhrèine a‑nìos, agus èiridh a dhroch fhàile, a chionn gun do mhaoidh e nithean mòra.

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;

Agus carson a thug an Tighearna sinn don fhearann seo, a thuiteam leis a’ chlaidheamh, a‑chum gum biodh ar mnathan agus ar clann bheag nan cobhartaich? Nach b’fheàrr dhuinn tilleadh don Eiphit?

Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.

Agus chreid Achis Daibhidh, ag ràdh, Thug e air a shluagh Israel gràin mhòr a ghabhail dheth: uime sin bidh e na sheirbhiseach agamsa gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan