Ecsodus 5:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Phàraoh, Cò e an Tighearna, gun èisdinn-sa ra ghuth a leigeadh le Israel imeachd? Chan aithne dhòmhsa an Tighearna, agus mar an ceudna cha leig mi le Israel imeachd. Faic an caibideil |
A‑nis, matà, na mealladh Heseciah sibh, agus na comhairlicheadh e sibh mar seo, agus na creidibh e; oir cha robh dia air bith cinnich no rìoghachd sam bith comasach air a shluagh a shaoradh as mo làimh-sa, agus à làimh m’athraichean; nach lugha gu mòr na sin as urrainn ur Dia-se ur saoradh as mo làimh?
A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?