Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Chan eil connlach air a toirt dod sheirbhisich, agus is e a their iad rinn, Dèanaibh clachan-creadha: agus, feuch, tha do sheirbhisich air am bualadh; ach is ann aig do shluagh fhèin a tha a’ choire.

Uime sin imichibh a‑nis, dèanaibh obair; oir cha toirear connlach dhuibh, agus bheir sibh uaibh làn àireamh nan clachan-creadha.

Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

Ach nuair a chunnaic a dheisciobail sin, bha fearg orra, ag ràdh, Ciod as ciall don ana-caitheamh seo?

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan