Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhuaileadh luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean-obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan-creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Agus chuir na maighistirean-obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh.

An sin thàinig luchd-riaghlaidh chloinn Israeil, agus ghlaodh iad ri Phàraoh, ag ràdh, Carson a bhuineas tu air an dòigh seo rid sheirbhisich?

Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean-obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd-riaghlaidh, ag ràdh,

Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan