Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir na maighistirean-obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus chùm iad fèill nam pàillean, mar a tha e sgrìobhte, agus dh’ìobair iad an ìobairt-loisgte làitheil ann an àireamh, a rèir na riaghailt, a dhlighe fhèin air gach là;

Nì e tarcais air mòr-shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir-ghreasaidh chan èisd e.

Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

Rachaibh, gabhaibh dhuibh fhèin connlach far am faod sibh a faotainn: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag de ur n‑obair.

Uime sin sgaoileadh an sluagh air feadh tìr na h‑Eiphit uile, a chruinneachadh asbhuain an àite connlaich.

Agus bhuaileadh luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean-obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan-creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe?

Agus dh’àithn Phàraoh air an là sin fhèin do mhaighistirean-obrach an t‑sluaigh, agus dan luchd-riaghlaidh, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan