Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin sgaoileadh an sluagh air feadh tìr na h‑Eiphit uile, a chruinneachadh asbhuain an àite connlaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ann am meud d’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’èirich suas ad aghaidh; chuir thu d’fhearg a‑mach, loisg i suas iad mar asbhuain.

Rachaibh, gabhaibh dhuibh fhèin connlach far am faod sibh a faotainn: gidheadh cha leigear sìos a’ bheag de ur n‑obair.

Agus chuir na maighistirean-obrach thuige iad, ag ràdh, Coileanaibh ur n‑obraichean cumte làitheil, mar nuair a thugadh connlach dhuibh.

Feuch, bidh iad mar asbhuain, loisgidh an teine suas iad; cha tèarainn iad an anaman fhèin o chumhachd na lasrach; chan fhàgar fiù èibhleig gu neach a gharadh, no teine gu suidhe làimh ris.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Mar fharam charbad air mhullach nam beann leumaidh iad; mar thoirm lasair theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an òrdagh catha.

Agus bidh taigh Iàcoib na theine, agus taigh Iòseiph na lasair; agus taigh Esau na asbhuain; agus lasaidh, agus loisgidh iadsan iad; agus chan fhàgar a h‑aon beò de thaigh Esau; oir labhair an Tighearna e.

Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn-thioram.

A‑nis ma thogas neach air a’ bhunait seo, òr, airgead, clachan luachmhor, fiodh, feur, connlach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan