Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 5:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.

Agus labhraidh mi air do theisteis an làthair rìghrean, agus cha bhi nàire orm.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Eiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

A‑nis uime sin, guidheam ort, ma fhuair mi deagh-ghean ad shùilean, nochd dhomh do shlighe, a‑chum is gum bi aithne agam ort, agus gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, agus meas gur e an cinneach seo do shluagh-sa.

Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac-sa, eadhon do chiad-ghin.

Imich a‑steach, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, e a leigeadh do chloinn Israeil dol a‑mach as a dhùthaich.

Is iad seo iadsan a labhair ri Phàraoh, rìgh na h‑Eiphit, a‑chum clann Israeil a thoirt a‑mach as an Eiphit: is iad seo am Maois agus an t‑Aaron ud.

Agus their thu ris, Chuir an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhòmhsa anns an fhàsach: agus, feuch, gus a seo cha b’àill leat èisdeachd.

Labhraidh tusa gach nì a dh’àithneas mise dhut: agus labhraidh Aaron do bhràthair ri Phàraoh, esan a chur cloinn Israeil a‑mach as a thìr.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Sìn a‑mach do shlat, agus buail duslach na talmhainn, a‑chum gum fàs e na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus rinn iad mar sin; oir shìn Aaron a‑mach a làmh le a shlait, agus bhuail e duslach na talmhainn, agus rinneadh e na mhialan air duine agus air ainmhidh: rinneadh uile dhuslach na talmhainn na mhialan air feadh tìr na h‑Eiphit uile.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh (feuch, tha e a’ teachd a‑mach a dh’ionnsaigh an uisge) agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.

Thèid sinn astar trì làithean don fhàsach, agus ìobraidh sinn don Tighearna ar Dia, mar a dh’àithneas e dhuinn.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Falbh a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus innis dha, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh:

Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Agus anns a’ bheinn seo nì an Tighearna do na h‑uile chinnich cuirm de nithean blasda, cuirm de fhìon aosda, de nithean blasda làn de smior, de fhìon aosda air a dheagh tharraing.

Agus thusa, a mhic an duine, na biodh eagal ort romhpa, agus na biodh fiamh ort ro am briathran, ged tha drisean agus droigheann mun cuairt dhut, agus do chòmhnaidh am measg nathraichean nimhe: na biodh eagal ort ro am briathran, cha mhò a bhios geilt ort ro an gnùis, ged is taigh ceannairceach iad.

Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth-sa, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd,

Uime sin cumamaid an fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, no le taois ghoirt a’ mhìoruin agus an uilc; ach le aran neo-ghortaichte an treibhdhireis agus na fìrinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan