Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu suas a’ chùirt mun cuairt, agus crochaidh tu suas am brat aig geata na cùirte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e suas a’ chùirt timcheall a’ phàillein agus na h‑altarach, agus chuir e suas brat geata na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair.

Agus suidhichidh tu an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus ungaidh tu am pàillean, agus gach nì a tha ann, agus naomhaichidh tu e, agus a shoithichean uile: agus bidh e naomh.

Agus tha mise ag ràdh riut gur tusa Peadar, agus air a’ charraig seo togaidh mise m’eaglais: agus cha toir geatachan ifrinn buaidh oirre.

Agus chuir Dia dream àraidh anns an eaglais, air tùs abstoil, anns an dara àite fàidhean, anns an treas àite luchd-teagaisg, a‑rìs mìorbhailean, na dhèidh sin tìodhlacan leighis, luchd-cuideachaidh, uachdaranachdan, iomadh gnè theanga.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan