Oir bha neul an Tighearna air a’ phàillean anns an là, agus bha teine air anns an oidhche, ann an sealladh taigh Israeil uile, air feadh an uile thurasan.
Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là anns an tug mi a‑nìos clann Israeil as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh, ach bha mi ag imeachd ann am bùth agus ann am pàillean.
Agus chaidh an Tighearna romhpa anns an là ann am meall neòil, a‑chum an treòrachadh air an t‑slighe, agus anns an oidhche ann am meall teine a thoirt solais dhaibh, gu imeachd a là agus a dh’oidhche.
Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.