Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh, lìon an neul taigh an Tighearna,

Air chor is nach b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh leis an neul: oir lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.

Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite-tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Agus ghluais ursainnean an dorais le guth an tì a ghlaodh, agus lìonadh an taigh le deataich.

An sin chaidh glòir an Tighearna suas bhàrr a’ cheruib, agus sheas i os cionn stairsneach an taighe; agus lìonadh an taigh leis an neul, agus bha a’ chùirt làn de dhealradh glòir an Tighearna.

Agus thàinig glòir an Tighearna a‑chum an teampaill, air slighe a’ gheata a tha ag amharc ris an àird an ear.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.

Agus nuair a chaidh Maois a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a labhairt ris, an sin chuala e guth aoin a’ labhairt ris o uachdar na cathair-thròcair a bha os cionn àirc na Fianais, o eadar an dà cherub; agus labhair e ris.

Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.

Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd-san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan