Nuair a bha iad gu dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, agus gu teachd am fagas don altair, dh’ionnlaid iad iad fhèin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Cionnas a thugadh iad gu sgrios, mar ann an tiota, agus a chuireadh as dhaibh gu tur le uamhasan!
Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras pàillean a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.
Agus sgaoil e a‑mach am bùth os cionn a phàillein, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a chionn; mar a’ dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus dh’ionnlaid Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an casan aige.
Agus chuir e suas a’ chùirt timcheall a’ phàillein agus na h‑altarach, agus chuir e suas brat geata na cùirte: mar sin chrìochnaich Maois an obair.
Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn e an àireamh ann am fàsach Shinài.