Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ionnlaid Maois, agus Aaron, agus a mhic, an làmhan agus an casan aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Nighidh mi mo làmhan ann an neochiontas, agus cuartaichidh mi d’altair, a Thighearna,

Agus chuir e an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis.

Nuair a bha iad gu dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, agus gu teachd am fagas don altair, dh’ionnlaid iad iad fhèin, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan.

Ach ma ghluaiseas sinn anns an t‑solas, mar a tha esan anns an t‑solas, tha comann againn ri chèile, agus glanaidh fuil Iosa Crìosd a Mhac sinn o gach uile pheacadh.

Ma dh’aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan fìrinneach agus ceart, a‑chum ar peacaidhean a mhaitheadh dhuinn, agus ar glanadh o gach uile neo-fhìreantachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan