Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean.
Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.
Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.
Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair-thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair-thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur.
Agus nuair a bhios an camp gu dol air aghaidh, thig Aaron agus a mhic, agus bheir iad a‑nuas brat a’ chòmhdaich, agus còmhdaichidh iad àirc na Fianais leis;
Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.