Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e altair na h‑ìobairt-loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.

Agus chuir e suas am brat aig doras a’ phàillein.

Agus chuir e an soitheach-ionnlaid eadar bùth a’ choitheanail agus an altair, agus chuir e uisge ann, a dh’ionnlad leis.

Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.

Mar sin thomhais e a’ chùirt, ceud làmh-choille air fad, agus ceud làmh-choille air leud, ceithir-cheàrnach; agus an altair ri aghaidh an teampaill.

Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is iad seo òrdaighean na h‑altarach anns an là anns an dèan iad i, a‑chum tabhartasan-loisgte ìobradh oirre, agus a‑chum fuil a chrathadh oirre.

Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

Amadana, agus a dhaoine dalla! Oir cia aca as mò an tìodhlac, no an altair a tha a’ naomhachadh an tìodhlaic?

Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan