Agus chuir e suas am brat aig doras a’ phàillein.
Agus loisg e tùis chùbhraidh oirre, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus chuir e altair na h‑ìobairt-loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt-loisgte, agus an tabhartas-bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus suidhichidh tu an altair òir a tha a‑chum na tùise fa chomhair àirc na Fianais, agus cuiridh tu brat an dorais ris a’ phàillean.
Is mise an doras: ma thèid neach air bith a‑steach tromhamsa, tèarnar e, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.
Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a’ bheatha: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa.
Oir trìdsan tha araon slighe againn gu dol a‑steach tre aon Spiorad a‑chum an Athar.