Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus las e na lòchrain ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu dha seachd lòchrain: agus cuirear suas a lòchrain, a‑chum gun toir iad solas thall fa chomhair.

Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas.

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Labhair ri Aaron, agus abair ris, Nuair a lasas tu na lòchrain, bheir na seachd lòchrain solas uapa thall fa chomhair a’ choinnleir.

Agus rinn Aaron mar sin; las e a lòchrain thall fa chomhair a’ choinnleir; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan