Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir e an t‑aran ann an òrdagh air, ann an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus cuiridh tu air a’ bhòrd aran taisbeanta romhamsa an còmhnaidh.

Agus chuir e an coinnleir ann am bùth a’ choitheanail, thall fa chomhair a’ bhùird, air taobh a’ phàillein ris an àird a deas.

Agus bheir thu a‑steach am bòrd, agus cuiridh tu an òrdagh na nithean a tha gu bhith air an cur an òrdagh air; agus bheir thu a‑steach an coinnleir, agus lasaidh tu a lòchrain.

Agus gabhaidh tu flùr mìn, agus fuinidh tu dà‑bhreacaig-dheug dheth: dà dheicheamh earrainn bidh ann an aon bhreacaig.

Agus suidhichidh tu iad ann an dà shreath, sia ann an sreath, air a’ bhòrd fhìorghlan an làthair an Tighearna.

Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan