Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh e agus chuir e an Fhianais anns an àirc, agus chuir e na bataichean air an àirc, agus chuir e a’ chathair-thròcair air an àirc os a cionn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr chloiche, a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh à tìr na h‑Eiphit.

Agus chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile gu Ierusalem, gu àirc an Tighearna a thoirt suas a dh’ionnsaigh a h‑àite, a dh’ullaich e air a son.

Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh as an Eiphit.

Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.

Mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an làthair na Fianais, gu bhith air a ghleidheadh.

Agus cuiridh tu a’ chathair-thròcair air àirc na Fianais, anns an ionad ro‑naomh.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus sgaoil e a‑mach am bùth os cionn a phàillein, agus chuir e còmhdach a’ bhùtha air os a chionn; mar a’ dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus cuiridh tu ann àirc na Fianais, agus falaichidh tu an àirc leis an roinn-bhrat.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Leig don chùis a bhith mar seo a‑nis: oir mar seo is iomchaidh dhuinn gach uile fhìreantachd a choileanadh. An sin dh’fhuiling e dha.

Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas.

Neach a shònraich Dia na ìobairt-rèitich, tre chreideamh na fhuil, a‑chum a fhìreantachd fhoillseachadh le maitheanas nam peacaidhean a chaidh seachad, tre fhad-fhulangas Dhè;

Agus thill mise, agus thàinig mi a‑nuas on t‑sliabh, agus chuir mi na clàir anns an àirc a rinn mi, agus an sin tha iad, mar a dh’àithn an Tighearna dhomh.

Thigeamaid uime sin le dànachd gu rìgh-chathair nan gràs, a‑chum gum faigh sinn tròcair, agus gun amais sinn air gràs a‑chum cobhair ann an àm feuma.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;

Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan