Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Oir cha do ghabh mise còmhnaidh ann an taigh on là air an tug mi a‑nìos Israel as an Eiphit gus an là‑an‑diugh, ach bha mi o bhùth gu bùth, agus o phàillean gu pàillean.

Anns a’ chiad bhliadhna de a rìoghachadh, air a’ chiad mhìos, dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna, agus chàraich e iad.

Air an là‑an‑diugh thàinig sibh a‑mach, ann am mìos Abib.

Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

Agus nì thu am pàillean le deich cùirteanan de anart grinn toinnte, agus de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid: maille ri ceruban de obair ealanta nì thu iad.

Agus togaidh tu suas am pàillean a rèir a shamhlaidh, a nochdadh dhut anns an t‑sliabh.

Agus nì thu cùirteanan de fhionnadh ghobhar gu bhith nan còmhdach air a’ phàillean: aon-chùirtean-deug nì thu dhiubh.

Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.

Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.

Am pàillean, a bhùth, agus a chòmhdach, a chromagan, agus a bhùird, a chroinn, a phuist, agus a bhuinn;

Agus rinn e lethcheud cromag de umha a cheangal a’ bhùtha ri chèile, a‑chum is gum biodh e na aon.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.

Anns a’ chòigeamh-bliadhna-fichead de ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an ceathramh-bliadhna-deug an dèidh don bhaile a bhith air a bhualadh), air a’ cheart là sin bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑chum an àite sin mi.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns a’ chiad mhìos air a’ chiad là den mhìos, gabhaidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus glanaidh tu an naomh-ionad.

Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;

Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, anns a’ chiad mhìos den dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

Agus air an là anns an do thogadh suas am pàillean, chòmhdaich an neul am pàillean, eadhon bùth na Fianais; agus air feasgar bha air a’ phàillean mar gum bu choslas teine gus a’ mhadainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan