Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.
Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus chuir e an crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-shagairt, eadhon air a’ chuid-bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
No co‑dhiù a b’ann dà là, no mìos, no bliadhna, a dh’fhan an neul air a’ phàillean, a’ fuireach air, dh’fhan clann Israeil nam bùthan, agus cha d’imich iad: ach nuair a thogadh suas e, ghabh iad an turas.
A‑nis uime sin, èisd, O Israeil, ris na reachdan, agus ris na breitheanais, a tha mise a’ teagasg dhuibh a dhèanamh, a‑chum is gum bi sibh beò, agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann a bheir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, dhuibh.