Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu bràth, a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil ag ràdh, Bidh i seo na h‑ola-ungaidh naoimh dhòmhsa, air feadh ur ginealaichean.

Ge bè neach a mheasgas nì cosmhail rithe, agus ge bè neach a chuireas a’ bheag dhith air coigreach, gu deimhinn gearrar as o a shluagh e.

Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra,

Agus rinn Maois a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e.

An sin thubhairt esan, Is iad seo an dithis ungte a tha nan seasamh làimh ri Tighearna na talmhainn uile.

Agus bidh e aige, agus aig a shliochd na dhèidh, eadhon coicheangal sagartachd shìorraidh, a chionn gu robh e eudmhor as leth a Dhè, agus gun do rinn e rèite airson chloinn Israeil.

Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.

Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan