Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra.

Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

Agus thug Maois mic Aaroin leis, agus chuir e còtaichean orra, agus chrioslaich e iad le criosan, agus chuir e bonaidean orra, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus as a lànachd-san fhuair sinne uile, agus gràs airson gràis.

Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.

Agus an dream a ro‑òrdaich e, ghairm e iad mar an ceudna: agus an dream a ghairm e, dh’fhìreanaich e mar an ceudna: agus an dream a dh’fhìreanaich e, ghlòraich e mar an ceudna.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Tha Dia fìrinneach, leis an do ghairmeadh sibh a‑chum co‑chomann a mhic, Iosa Crìosd ar Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan