Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ungaidh tu an soitheach-ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e.

Agus bheir thu na Lèbhitich air beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cruinnichidh tu coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile:

Agus nuair a bhaisteadh Iosa, chaidh e air ball suas as an uisge; agus, feuch, dh’fhosgladh nèamh dha, agus chunnaic e Spiorad Dhè a’ tùirling mar chalaman, agus a’ teachd air:

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha.

Oir an nì nach robh an comas don lagh a dhèanamh, do bhrìgh gu robh e anfhann tre an fheòil, aig cur a Mhic fhèin do Dhia ann an coslas feòla peacaich, agus na ìobairt airson peacaidh, dhìt e am peacadh anns an fheòil:

Ach nuair a thàinig coileanadh na h‑aimsir, chuir Dia a Mhac fhèin uaithe, a ghineadh o mhnaoi, a rinneadh fon lagh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan