Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 40:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ungaidh tu an soitheach-ionnlaid agus a chas, agus naomhaichidh tu e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e deich soithichean-ionnlaid umha: chumadh gach soitheach-ionnlaid dhiubh dà‑fhichead bat: bha ceithir làmhan-coille anns gach soitheach-ionnlaid: chuireadh aon soitheach-ionnlaid air gach aon de na deich buinn.

Nì thu mar an ceudna soitheach-ionnlaid de umha, agus a chas de umha, a‑chum ionnlaid: agus cuiridh tu e eadar pàillean a’ choitheanail agus an altair, agus cuiridh tu uisge ann.

Agus altair na h‑ìobairt-loisgte agus a soithichean uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas.

Agus altair na h‑ìobairt-loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach-ionnlaid agus a chas,

Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt-loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.

Agus bheir thu Aaron agus a mhic gu doras bùth a’ choitheanail, agus ionnlaididh tu iad le uisge.

Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan