Agus gabhaidh spiorad an Tighearna còmhnaidh air, spiorad gliocais agus tuigse, spiorad comhairle agus cumhachd, spiorad eòlais agus eagal an Tighearna:
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Chan fhuinear e le taois ghoirt; thug mi dhaibh e mar an cuibhreann dem thabhartasan air an toirt suas le teine: tha e ro‑naomh, mar an ìobairt-pheacaidh, agus mar an ìobairt-easaontais.
Agus chrath e cuid dhith air an altair seachd uairean, agus dh’ung e an altair, agus a soithichean uile, araon an soitheach-ionnlaid agus a chas, a‑chum an naomhachadh.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.
Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;