Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,
Oir bha pàillean an Tighearna a rinn Maois anns an fhàsach, agus altair na h‑ìobairt-loisgte, anns an àm sin anns an àit àrd ann an Gibeon.
Pàillean a’ choitheanail, agus àirc na Fianais, agus a’ chathair-thròcair a tha oirre, agus uile uidheam a’ phàillein,
Agus thigeadh gach duine glic-chridheach nur measg, agus dèanadh e gach nì a dh’àithn an Tighearna;
Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.
Agus dh’amhairc Maois air an obair uile, agus, feuch, rinn iad i mar a dh’àithn an Tighearna, eadhon mar sin rinn iad i: agus bheannaich Maois iad.
Agus b’ann anns a’ chiad mhìos, anns an dara bliadhna, air a’ chiad là den mhìos, a chuireadh suas am pàillean.
Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.