Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh, mura creid iad thu, agus mura èisd iad ri guth a’ chiad chomharraidh, gun creid iad guth a’ chomharraidh dheireannaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.

Oir cràdhaidh e, agus ceanglaidh e suas; lotaidh e, agus lèighsidh a làmhan.

Agus dh’innis Maois do Aaron uile bhriathran an Tighearna, a chuir uaithe e, agus na comharraidhean uile a dh’àithn e dha.

Agus thubhairt e, Cuir do làmh a‑rìs ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh a‑rìs na bhroilleach, agus thug e a‑mach as a bhroilleach i, agus, feuch, dh’iompaicheadh i mar a’ chuid eile de a fheòil.

Agus tàrlaidh, mura creid iad mar an ceudna an dà chomharradh sin, agus mura èisd iad rid ghuth, gun gabh thu cuid de uisge na h‑aibhne, agus gun dòirt thu air an talamh thioram e: agus fàsaidh an t‑uisge a bheir thu as an abhainn na fhuil air an talamh thioram.

Oir tha àithne air àithne, àithne air àithne, rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud.

Ach ged a rinn e a choilìon seo de mhìorbhailean nan làthair, cha do chreid iad ann:

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.

Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan