Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Cuir do làmh a‑rìs ad bhroilleach. Agus chuir e a làmh a‑rìs na bhroilleach, agus thug e a‑mach as a bhroilleach i, agus, feuch, dh’iompaicheadh i mar a’ chuid eile de a fheòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e.

Agus tàrlaidh, mura creid iad thu, agus mura èisd iad ri guth a’ chiad chomharraidh, gun creid iad guth a’ chomharraidh dheireannaich.

Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.

Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe:

Faicibh a‑nis gur mise, eadhon mise e, agus nach eil Dia sam bith maille rium: marbhaidh mi, agus beothaichidh mi; lotaidh mi, agus lèighsidh mi: agus chan eil neach ann a shaoras as mo làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan